EÒRPA
AGUS CÒIRICHEAN CÀNAIN: feumar gluasad an 2004 !
Sa bhliadhna 2004 meudaichear an t-Aonadh Eòrpach agus thèid taghaidhean Eòrpach a chumail. Ach fhathast cha tàinig fuasgladh air ceistean cànain, agus ann an riochd an ioma-chànanais tha na trì cànanan as cumhachdaiche a' faighinn làmh an uachdair. Air sàilleabh sin, tha uachdranas cànanach gu bhith oirnn agus thèid aon chànan a sparradh oirnn, nach dèan ach cron air iomadachd chànanach is chultarach na h-Eòrpa. 'S ann air sàilleabh seo a tha luchd Esperanto, am measg eile, a' toirt taic do lingua franca coitcheann a dh'fhàgadh suim aig gach cànan eile agus a chuidicheadh èifeachd deamocratachd na h-Eòrpa.
Mar sin, tha taisbeanadh ga chur air dòigh air feadh na Roinn Eòrpa airson deamocratachd cànain a bhrosnachadh. 'S e prìomh amas na h-iomairt seo aire dhaoine, gu h-àraidh tro na meadhanan, a tharraing air ceistean cànain san Roinn Eòrpa agus fiosrachadh dhaoine mun cheist seo a leudachadh... agus 's dòcha luchd-poileataigs a chur gu gnìomh. Airson an t-amas seo a thoirt gu buil feumaidh sinn uimhir 's a ghabhas dhinn, à uimhir a dhualchasan 's a ghabhas, ma tha an latha gu bhith leinn. Thàinig an smuain seo an toiseach bho luchd Esperanto, agus cuidichidh a h-uile buidheann is comann Esperanto anns an Roinn Eòrpa le bhith ga chraobh-sgaoileadh air feadh nan dùthchannan is sgìrean aca.
Tha an t-ainm EUROPA BUNTO a' ciallachadh "kaleidoscope na h-Eòrpa", a' dèanamh luaidh air taobh aoibhneach an taisbeanaidh ioma-thaobhaich seo de dh'iomadachd chànanach.
Bheir an taisbeanadh seo còmhla:
Àite : Strasburg (An Fhraing), ri taobh Pàrlamaid is Comhairle na h-Eòrpa
Latha : Didòmhnaich 9 Cèitean 2004 (Latha na h-Eòrpa)
Cruth : Saor thoil a thaobh cànan is susbaint nam postairean (a' toirt an aire do chòirichean a' chinne-daonna agus saoranaich na h-Eòrpa)
Seirbheis Fiosrachaidh : Co-labhairt naidheachd le riochdachadh co-ionnan aig gach cànan; seirbheis eadar-theangachaidh airson gach cànain a thèid riochdachadh
SUSBAINT NA LÀRAICH-LÌN SEO
Prezento (taisbeanadh) : fios mun taisbeanadh 's mun làraich, ann an grunn chànanan Eòrpach (tapadh leibh ro làimh ma thèid agaibh air an duilleag a chur dhan chànan agaibh fhèin: cuiribh an t-eadar-theangachadh gu europa.bunto@eraro.com)
Partneraj asocioj (comainn chàirdeach) : liosta de na comainn uile (le ceanglaichean dha na làraichean-lìn aca mas urrainn) a tha air daingneachadh gun gabh iad pàirt anns an taisbeanadh
Kunveturado (co-roinn chàraichean) : liosta de thairgsean 's de dh'iarrtasan air co-roinn chàraichean airson siubhal a Strasbourg chun an taisbeanaidh
Sloganoj & materialo (sluagh-ghairmean is stuthan) : liosta de smuaintean a thaobh shluagh-ghairmean is phostairean airson an taisbeanaidh, agus taghadh de nithean eile a ghlacas aire dhaoine
Dissendolisto (liosta sgaoilidh) : liosta deasbaid airson na feadhainn a chuireas taisbeanaidhean air dòigh; 's e Esperanto am phrìomh chànan obrach agus faodaidh sibh pàirt a ghabhail le bhith a' cur post-dealain bàn gu europa-2004-subscribe@yahoogroupes.fr
Kontakto (fios) : mar a chuireas sibh ceistean air an fheadhainn a tha a' cur an taisbeanaidh air dòigh ("organizantoj") no an rùnaire ("sekretario") agus mar a chuireas sibh na smuaintean agaibh fhèin (co-roinn chàraichean, sluagh-ghairmean, 7e.) no ur n-eadar-theangachaidhean gu ceannard na làraich ("TTT-estro")
Ligoj (ceanglaichean) : a thaobh chànanan agus na Roinn Eòrpa
(tradukis skot-gaelen : Iain Mac an Tàilleirearain)